³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Connspaid nam blogaichean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-17, 12:41

'S urrainn do bhlogaichean connspaid adhbharachadh.

Dha-rìribh, 's e sin fear de na h-amasan a tha aca - beachdan a thogail agus deasbad a bhrosnachadh.

Ach feumaidh tu a bhith faiceallach ma sgrìobhas tu blog agus tu ag obair do bhall-pàrlamaid na h-Alba.

Nas fhaiceallaiche a-rithist ma dh'obraicheas tu do mhinistear Riaghaltas na h-Alba.

Aig Àm nan Ceist an-diugh, thog Iain Gray cùis Mhark MhicLachlainn, a b' àbhaist a bhith obair do Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal.

Bha aige ri falbh as dèidh mar a nochd gun robh e na ùghdar bloig a thug slaic - gun ainm - air ball-pàrlamaid na h-Alba agus eile.

Amharasach

Aig an àm, thuirt Mìcheal Ruiseal nach robh fios aige mu na bha a' tachairt agus gun do ghabh e ri tairgse bho Mhgr MacLachlainn a dhreuchd fhàgail.

Ach an-diugh, chaidh aithris gun tuirt Mgr MacLachlainn gun robh fios aig Mgr Ruiseal mu na bha e a' sgrìobhadh.

Gu prìbhiteach, tha na Làbaraich amharasach gum bi an SNP a' cleachdadh nam blogaichean seo airson teachdaireachdan poileataigeach a sgaoileadh.

Dh'iarr Iain Gray air a' Phrìomh Mhinistear toirt air Mgr Ruiseal tighinn don t-seòmar gus mìneachadh dè dìreach am fiosrachadh a bha aige mu bhlog Mhgr MhicLachlainn.

Ach thuirt Ailig Salmond gun robh e riaraichte leis na thuirt Mgr Ruiseal air a' chùis mar-thà.

Na bheachd, bu chòir do Mhgr Gray a shùil a thoirt air cùisean eile.

Cuspairean eile

Carson, dh'fhaighnich Mgr Salmond, nach do chleachd Mgr Gray an cothrom aige ceistean a thogail mu chuspairean eile?

Dè mu dheidhinn tuiteam Ghlobespan, figearan ùra mu chion-chosnaidhean, Copenhagan agus blàthachadh na cruinne?

'S iad na cuspairean a bu chòir do cheannard nan dùbhlanach togail aig Àm nan Ceist, a-rèir a' Phrìomh Mhinisteir.

'S ann gu math follaiseach a tha e gun bheil faireachdainn làidir air na beingean làbarach mu na h-ionnsaighean pearsanta a tha a' tighinn bho na blogaichean seo.

Agus chàin Ailig Salmond blogaichean den t-seòrsa gu làidir, ge b' e dè an taobh às an thàinig iad.

Ach nach e beachd a' mhòr-shluaigh mar-thà gum bi luchd-poileataigs a' toirt slaic air a chèile?

Am bi iad deònach èisteachd ri Iain Gray is e ag ràdh gu bheil na nàisteantaich nas miosa na duine sam bith eile?

Fàgaibh ur beachdan fhèin aig bonn na duilleige.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.