³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Abair baisteadh

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2009-12-03, 12:04

As dèidh do Fiona Hyslop an caibineat fhàgail chleachd Iain Gray àm nan ceist airson aire a ghluasad bhuaipse gu Ailig Salmond.

Chleachd e pàipearean dìomhair a sheall gun d' fhuair an riaghaltas comhairle bhon t-seirbhis catharra ann an 2007 nach gabhadh an gealtanas aca air meud chlasaichean a cho-lionadh ro 2011.

Dà mhìos as dèidh sin, thuirt Mgr Salmond sa phàrlamaid gun ruigeadh iad an targaid de 18 airson a chiad trì bliadhna sa bhun-sgoil ron ath-thaghadh.

Thuirt Mgr Gray nach robh Mgr Salmond air an fhìrinn innse don t-seòmar air a' chùis.

A bheil sin cothromach? Bheir an t-seirbhis catharra comhairle seachad, ach 's ann an urra ri ministearan dè nì iad leis.

Thuirt Mgr Salmond gur iad na h-ùghdarasan ionadail a bu choireach airson an dàil ann a bhith lùghdachadh meud chlasaichean.

Gu h-araid, thuirt e, an fheadhainn fo bhratach nan Làbarach.

Brosnachadh

Dh'fhaighnich Annabel Goldie carson a chaidh Fiona Hylop a chur far a dreuchd mura robh càil ceàrr le polasaidh an riaghaltais air foghlam?

Thuirt Mgr Salmond a-rithist gun robh smaoineachadh ùr a dhìth air a' chuspair.

Feumaidh Rùnaire ùr an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, na comhairlean a bhrosnachadh mu luach chlasaichean nas lugha.

Bhruidhinn Tavish Scott air an aon chuspair 's e a' feuchain ri cul a' mhagaidh a dhèanamh air Mgr Salmond air sgàth mar a dh'fhàg Fiona Hyslop.

Ach bha dèogh fhreagairt aig a' Phrìomh Mhinistear - 's e sin gun do dh'fhàg 17 ministear bhon riaghaltas mu dheireadh - nam measg, Mgr Scott fhèin.

Abair baisteadh do Mhìcheal Ruiseal air a' chiad là aige na dhreuchd.

Air cùlaibh an dol-a-mach seo tha deasbad cudromach mu sgoiltean.

Cò air a tha an dleastanas air an son, agus cò leis am bu chòir an stiùireadh - riaghaltas nàisteanta, na h-ùghdarasan ionadail no sgoiltean agus pàrantan fhèin?

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse uile.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 13:56 Air 2009-12-03, Sgrìobh Each:

    Mar a chluinn mi cuisean air an radio, Bhuanich Ailig an deasbad seo.

    Feumaidh an dubhlanaich stad a cuir air an aibheiseachadh ma tha iad son dhaoine gan eisdachd.

    Gu h-araid Ian Gray, cha tig cail as a bheul ach "sound-bites".

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.