³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dùbhlan do na Dùbhlanaich

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-11-30, 11:39

Nuair a thèid leabhar-eachdraidh ar làithean a sgrìobhadh, am bi duilleag shònraichte ann mu Là Naomh Anndra 2009? 

Tha Ailig Salmond an dòchas gum bi. 

Aig deireadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an SNP an dòchas gu bheil neo-eisimileachd a' tilleadh do dh'Alba. 

An-diugh, dh'fhoillsich iad agus iad airson a chumail mun àm seo an ath-bhliadhna. 

An-dràsta, chan eil taic aig an riaghaltas airson bile fhaighinn tron phàrlamaid agus na trì pàrtaidhean dùbhlannach mòra na aghaidh.

An e sin deireadh na cùise? Chan e idir.

Anns a' phྱ±è±ð²¹°ù gheal, tha an riaghaltas a' mìneachadh ceithir roghainnean airson an àm ri teachd bhon status quo gu làn neo-eisimileachd.

Cumhachdan Ùra

'S i neo-eisimileachd roghainn an SNP fhèin. Ach tha iad ag ràdh gum biodh iad deònach ceist a chur air a' phྱ±è±ð²¹°ù-bhò³Ù²¹¾±»å³ó air roghainn eile.

Eadar an status quo agus neo-eisimileachd fhèin, nochd dà roghainn eile sa phྱ±è±ð²¹°ù gheal - cumhachdan a' bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba fo phlana Choinnich Chalmain no tòrr a' bharrachd chumhachdan fo sgeama ris an canar 'Devolution Max'.

Thuirt Mgr Salmond an-diugh gun robh an deasbad mu bhun-reachd na h-Alba air gluasad air falbh bhon status quo gu dè na cumhachdan as còir toirt do dh'Alba bho Westminster.

Tha an Riaghaltas Làbarach aig Westminster air plana fhoillseachadh gus cumhachdan ùra a thoirt do dh'Alba fo sgeama Chalmain - ach as dèidh an ath-thaghaidh.

Tha na Tòraidhean air a ràdh gum foillsicheadh iadsan pྱ±è±ð²¹°ù geal fa leth air a' chùis nam faigheadh iad na h-iuchraichean do Àireamh a Deich an ath-bhliadhna.

Taghadh coitchean

A-nis tha gach sùil air Tavish Scott agus na Lib Deamaich. Tha Mgr Scott air a bhith mì-thoilichte leis na pàrtaidhean eile airson dàil a chur air a' phròiseas agus tha iad air a ràdh gu bheil iad airson a dhol nas fhaide na plana Chalmain.

An ath-bhliadhna, thèid Gòrdon Brown do lùchairt Bhuckingham airson iarraidh air a' bhàn-righ a' phàrlamaid a' sgaoileadh gus taghadh coitcheann a chumail.

As dèidh sin, dh'fhaodadh riaghaltas Tòraidheach a bhith ann an Westminster gun ach beagan bhall ann an Alba.

Tha Ailig Salmond a' creidsinn gun atharraicheadh cùisean gu mòr an uair sin. Agus tha e a' toirt dùbhlan do na pàrtaidhean eile bhòtadh an aghaidh referendum agus taghadh Holyrood gu bhith ann an 2011.

Tha an t-sabaid cheart a-nis air tòiseachadh.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.