Ìý
Pà ipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon
"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"
Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir.
Tha fios againn gu bheil tòrr nach tà inig gu co-dhùnadh fhathast.
Agus, 's cinnteach, gu bheil feadhainn eile a tha coma co-dhiù.
(Ged as dòcha nach bi mòran dhen t-seòrsa sin a leughas blog mar seo).
Ach, geÌýbith ur freagairt, cha bhi cothrom agaibh a dhèanamh anns a' Ghà idhlig.
Tuigsinn
Dhearbhadh sin leis anÌýleas-phrì´Çmh mhinistear, Nicola Sturgeon mar fhreagairt do cheist bho bhall nà iseanteach na h-Easglaise Brice, Aonghas Dòmhnallach.
Bheachdaich i nach robh a' Ghà idhlig a dhìth air sgà th 's gun robh luchd na cà nain a' tuigsinn na Beurla.
A bheil i ceart?
A rèir , 's e a tha anns a' Ghà idhlig ach 'cà nain oifigeil na h-Alba' a tha airidh air 'co-ionnanachd spèis leis a' Bheurla'.
A bheil co-dhunadh an riaghaltais gun Ghà idhlig a chleachdadh a' dol an aghaidh sin?
Thèid fà ilte a chur air ur beachdan uile.
"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"
Sin a' cheist a bhios air a' phà ipear-bhaileit anns an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014.
Chan e "a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir" ach dìreach "am bu chòir".
Fhuair Coimisean an Taghaidh gun robh a' chiad dreach - a mhol an riaghaltas nas coltaiche toirt air daoine bhòtadh air a son.
Tha an dreach ùr - dan rèir-san - nas soilleire, nas sìmplidhe, agus bheir e cothrom na Fèinne do gach taobh.
Agus, tha iadsan ag aontachadh - gu poblach co-dhiù.
Moladh
Bho thaobh an Aonaidh, thuirt Alistair Darling gun robh e toilichte nach do gabh an Coimisean ri "ceist thaobhach" Ailig Salmond.
Airson an riaghaltais, thuirt an leas-phrì´Çmh mhinistear Nicola Sturgeon gun robh i "air a dòigh" leis a' cheist ùir agus gum moladh i don phà rlamaid i - a' fà gail gun tèid i troimhe.
Bidh i co-dhiù cho toilichte, ge-tà , leis na mhol an Coimisean air maoineachadh nan iomairtean.
Thèid a' chrì´Çch airson an dà phrì´Çmh iomairt - Yes Scotland agus Better Together - a dhùblachadh bho £750,000 gu £1,500,000.
Ach mhol an Coimisean gum bi pà rtaidhean an Aonaidh agus pà rtaidhean neo-eisimeileachd gan cur còmhla ann an dà bhuidhean le cha mhòr an aon chrìch air nas urrainn dhaibh cosg.
Fà gaidh sin nas duilghe e do phà rtaidhean an Aonaidh fada a bharrachd a chosg.
Ìý
Fiosrachadh
Ach ged a tha fios againn a-nis dè a' cheist, tha ceist ann fhathast.
, mhol an Coimisean gum bu chòir barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mu na thachradh às dèidh na bhòt.
Aig Ceistean a' Phrì´Çmhaire an-dè, thuirt Dà ibhidh Camshron nach gabhadh e ri còmhradh air "Alba a'Ìýfalbh bhon Rì´Çghachd Aonaichte" air thoiseach air a' bhòt fhèin.
Ach, fà saidh an t-uallach air an dà thaobh a-nis barrachd a rà dh mu na dh'fhaodadh "bu chòir" no "cha bu chòir" ciallachadh.
Tòisichidh sin le aithrisean air a' chùis bhon dà riaghaltas.
Agus, anns a' Mhà rt, thig am bile, agus fios air an là .
Bha dùil againn gun deigheadh connspaid na comhairle laghail a thogail aig a' chiad sheisean de Cheistean a' Phrì´Çmh Mhinisteir an-diugh.
Ach cha deach.
Sin a dh'aindeoin a' chà inidh a bha - ged a fhuair an rannsachadh nach do bhris Ailig Salmond còd nam ministearan.
Chaidh na dùbhlanaich mun cuairt an-diugh a' feuchainn ri arÌýn-aire a thoirt do na h-earrannan nach robh math dha.
Agus rinn iad gearan ag rà dh gum bu bheag an t-iongnadh mun bhreith leis gun do thagh Mgr Salmond fhèin am britheamh.
Ach 's dòcha gun robh an tost aca anns an t-seòmar na fhianais nach d'fhuair iad na bha iad ag iarraidh.
°Õ°ù´Ç¾±³¾³ó±ð-³¦³óè¾±±ô±ð
Fhuair an rannsachadh nach robh Mgr Salmond a' feuchainn ri toirt air daoine creidsinn gu robh fianais shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba mu bhallrachd Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach.
Ach fhuair Sir Dà ibhidh Bell gun do dh'adhbhraich na thuirt Mgr SalmondÌýri Anndra Neil anns an agallamh aige troimhe-chèile, agus gum bu chòir dha bhith na bu shoilleire.
Thuirt Mgr Bell cuideachd gum bu chòir Còd nam Ministearan fhèin atharrachadh airson cùisean mar seo a sheachnadh anns an à m ri teachd.
Bha am prì´Çmh mhinistear fhèin riaraichte gu leòr.
Cho riaraichteÌý's gurÌýesan a thog a' chùis anns an t-Seòmar aig à m na ceist.
Ach ma tha a' chonnspaid mun chomhairle - cha mhòr - seachad, tha a' chonnspaid nas fharsainge mu neo-eisimeileachd agus an Aonadh Eòrpach ann fhathast.