˿

Prìomh fhiosrachadh

Bho gèile gu oiteag bheag gaoithe, fairichidh sinn uile a' ghaoth a' sèideadh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Cò às a tha gaoth a' tighinn
  • Dè th' ann an à na Talmhainn
  • A' bhuaidh a th' aig àird na gaoithe
  • Bruthadh èadhair àrd agus ìosal

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu ghaoth.

Cò às a tha gaoth a' tighinn?

  1. Tha filleadh èadhair ris an canar à mu chuairt an Talaimh.

  2. Chan eil an t-à sgaoilte gu rèidh.

  3. Ann an àitichean bidh an èadhar ga putadh còmhla os cionn an talaimh. Canar bruthadh àrd ris a seo.

  4. Ann an àitichean eile chan eil uiread a dh'èadhar ann agus tha i nas sgaoilte. Bidh seo a' dèanamh an à nas taine. Canaidh sinn bruthadh ìosal ris a seo.

  5. Bidh an èadhar a' gluasad bho àitichean le bruthadh àrd gu àitichean le bruthadh ìosal. Canaidh sinn gaoth ris a' ghluasad èadhair seo.

Sìde ghaothach

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Coileach-gaoithe, Àird na gaoithe Bidh coileach-gaoithe a' sealltainn àird na gaoithe. Bidh am mullach a' tionndadh chun na gaoithe. Tha seo coltach ri àirdean na combaist le T airson tuath, E airson an ear, D airson deas agus I airson an iar. Tha an coileach seo a' sealltainn gu bheil a' ghaoth a' tighinn bho dheas.
Back to top

  • gaoth – Èadhar a' gluasad taobh àraidh.

  • à – Filleadh èadhair mun cuairt an Talaimh.

  • gaothan on tuath – Gaothan fuar bhon Artaig.

  • gaothan on deas – Gaothan blàth le èadhar bho cheann a deas na Roinn Eòrpa agus Afraga.

  • gaothan on iar – Gaothan tais a bheir leotha uisge bhon Chuan Siar.

  • gaothan on ear – Gaothan bho cheann an ear na Roinn Eòrpa a bheir leotha èadhar thioram.

  • ùٳ-ܲٳ󲹾 – Forsa a tha a' slaodachadh nithean a tha a' suathadh na chèile.

Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh bàrdachd mu latha gaothach.

Bhon a tha fios agad a-nis air tòrr mu ghaoth, feuch ri bàrdachd a sgrìobhadh mu latha gaothach.

Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic