˿

Prìomh fhiosrachadh

Nuair a dh'fhàsas i uabhasach fuar, glè thric chì sinn lòintean reòite no reothadh air cabhsairean agus feur.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • An diofar eadar deigh agus reothadh
  • Mar a bhios deigh air a cruthachadh
  • Mar a bhios reothadh air a chruthachadh
  • Dè th' ann an siota deighe

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu dheigh agus reothadh.

Ciamar a tha deigh air a cruthachadh?

  1. Bidh uisge a' reothadh agus a' dol na theann-stuth (deigh) nuair a tha an teòthachd mu 0°C no nas ìsle.
  2. Feumaidh deigh rudeigin air an reoth i leithid: uachdaran fuara, pìosan beaga salchair no criostalan deighe eile.

Ciamar a tha reothadh air a dhèanamh?

  1. Tha anns an èadhar.
  2. Laighidh deatach uisge air uachdar fuar, leithid cabhsair no feur, a tha mar-thà aig ìre an reothaidh (0°C) no nas ìsle.
  3. Tha an èadhar cho fuar 's gu bheil an deatach uisge a' -ùٳ󲹳󲹻 na bhoinneagan uisge.
  4. Bidh na boinneagan uisge a' reothadh agus a' dol nan criostalan beaga, bìodach deighe, ris an can sinn reothadh.

Eisimpleirean de dheigh 's de reothadh

Dèan coimeas eadar deigh agus reothadh san Rìoghachd Aonaichte agus siotaichean deighe ann an Graonlainn agus an Antartaig.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Lòn reòite, Lòn reòite Nuair a ruigeas uisge, can ann an lòn, ìre an reothaidh (0°C no nas ìsle), bidh e a' dol na dheigh. San dealbh seo tha na tuinn bheaga san uisge air reothadh cuideachd.
Back to top

  • deigh – Uisge reòite.
  • reothadh – Criostalan deighe beaga, geala air an talamh no air uachdar eile nuair a tha an teòthachd fo ìre an reothaidh.
  • ìre an reothaidh - An ìre aig am bi uisge a' dol na theann-stuth. 'S àbhaist seo a bhith aig 0° Celsius no nas ìsle.
  • Celsius - Aonad tomhais air a chleachdadh airson teòthachd. Bidh uisge a' reothadh aig 0° agus a' goil aig 100°. Canar uaireannan centigrade ris.
  • bior-deighe - Pìos de dheigh chrochte air a chruthachadh nuair a reothas uisge. Nuair a bhios boinneagan uisge a' sruthadh sìos, bidh iad a' reothadh air an uachdar, agus bidh am bior-deighe a' fàs nas motha agus nas fhaide.
  • siotaichean deighe - Farsaingeachdan mòra deighe a chruinnich air muin a chèile a' còmhdach an talaimh thar ùine mhòr. Tha siotaichean deighe anns a' Ghraonlainn agus an Antartaig far a bheil i uabhasach fuar.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh bàrdachd mu shìde fhuar.

Bhon a tha fios agad mu dheigh agus reothadh, feuch ri bàrdachd a sgrìobhadh mu shìde fhuar.

Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic