Riadh sìmplidh thar bloigh de bhliadhna
Mura tèid airgead fhàgail ann an cunntas banca airson bliadhna shlàn, cha tèid ach bloigh dhen riadh a phàigheadh.
Eisimpleir
Obraich a-mach an riadh a gheibh Damon air \(\pounds40\) ma dh'fhàgas e anns a' bhanca e aig riadh de \(8.5\%\) sa bhliadhna airson sia mìosan.
Freagairt
Riadh airson aon bhliadhna \(= 8.5\%\) de \(\pounds40\)
\(= \frac{{8.5}}{{100}} \times 40\)
\(= \pounds3.40\)
Riadh airson sia mìosan \(= \frac{1}{2}\,de\,\pounds3.40\) ('S e sia mìosan \(\frac{6}{12}\) de bhliadhna)
\(= \pounds1.70\)
Balans ùr:
\(= \pounds40 + \pounds1.70\)
\(= \pounds41.70\)
Gheibh Damon \(\pounds1.70\) ann an riadh.
Question
Tha \(\pounds560\) aig Eliza. Chuir i e ann an cunntas banca a tha a' pàigheadh riadh aig \(3.7\%\) sa bhliadhna.
Dh'fhàg i e sa bhanca airson dà mhìos.
Dè na tha de dh'airgead aig Eliza a-nis?
Riadh airson aon bhliadhna \(= 3.7\%\) de \(\pounds560\)
\(= \frac{{3.7}}{{100}} \times 560\)
\(= \pounds20.72\)
Riadh airson dà mhìos \(= \frac{1}{6}\) de \(\pounds20.72\) ('S e dà mhìos \(\frac{2}{12}\) no \(\frac{1}{6}\) de bhliadhna)
\(= \pounds3.45\) (a' cruinneachadh sìos chun na sgillinn as fhaisge)
Balans ùr:
\(= \pounds560 + \pounds3.45\)
\(= \pounds563.45\)
An dèidh dà mhìos tha \(\pounds563.45\) aig Eliza.