˿

A’ cleachdadh gam agus gadCuin a bhios mi a' cleachdadh gam agus gad?

Bheir eòlas air gràmar na à cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn is a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air a’ bhith a’ cleachdadh gam is gam leis an earrainn is an deuchainn seo.

Part of àҰà

Cuin a bhios mi a' cleachdadh gam agus gad?

Gam no gad?

Tha gam, gad, ga, gar, gur, gan nan roimhearan leasaichte.

Faodaidh sinn an roimhear leasaichte (gam, gad, ga) a chleachdadh an àite ainmeir.

Ma tha sinn airson seantans mar Tha mi a' glanadh a' à a ghiorrachadh le bhith a' cleachdadh an roimhear leasaichte ga feumaidh sinn structar an t-seantans atharrachadh gu Tha mi ga ghlanadh.

Feumaidh sinn an roimhear leasaichte ga a chur air beulaibh a' glanadh agus chan ann às a dhèidh, me tha 'Tha mi a' glanadh a' à' ag atharrachadh gu 'Tha mi ga ghlanadh'.

Feumaidh sinn a ràdh: Tha mi ga ghlanadh. Cha bhiodh e ceart a ràdh: 'Tha mi a' glanadh e'.

Tha ga anns an t-seantans seo a' tighinn bho a bhith a' cur aig+a còmhla agus tha sin a' toirt dhuinn ga.

Tha, 'Tha mi ga ghlanadh' a' ciallachadh gu litireil ann am Beurla 'I am at the cleaning of it'.

Tha, 'Tha e a' glanadh na h-uinneig' ag atharrachadh gu 'Tha e ga glanadh'. Cuimhnich nach bi sinn a' cur h a-steach dhan fhacal 'glanadh' a chionns gur e facal boireann a tha ann an 'uinneag'.

Related links