Am prìosanach
Ceistean
Question
Ainmich trì rudan a bhiodh e ag ionndrainn nuair a bhiodh e a' siubhal às dèidh dha a bhith air a shaoradh.
Tagh trì às na ceithir seo:
- Muinntir a sgìre fhèin.
- Na mèinnean.
- Dathan nan craobh.
- Fàileadh cùbhraidh na dùthcha.
Question
Dè bheachd a bh' aig Mandela air eacarsaich?
Bha e cudromach dha – bha e a' smaoineachadh gur e seo a chùm cho fada beò e.
Question
Dè seòrsa ciùil a bha a' còrdadh ri Mandela?
Ceòl dùthchail agus ceòl còisireil Afraga.
Question
Tagh facal às an earrainn a tha a' ciallachadh nach eil cead aig duine rud a dhèanamh.
Toirmisgte
Question
Ciamar a rinn na cuirmean anns a' phrìosan feum dha?
Thog iad a spioraid anns na làithean dubhach ud.
Question
Carson a bha an saoghal cho toilichte mun duais a fhuair Mandela?
Bha e doirbh smaoineachadh air duine a bha cho airidh air Duais Sìth Nobel.
Question
Carson a dh'ainmich e Nirribhidh gu sònraichte na òraid?
Sheas i suas an aghaidh gràin-cinnidh nuair a bha tòrr dhùthchannan eile a' seachnadh a' chuspair.