Ro-ràdh cùirtean bana-bhuidsichean Alba
Bho na 1560an, thòisich ùghdarrasan ann an Alba a' lorg agus a' cur às leth dhaoine gun robh iad ri buidseachd agus ag adhradh dhan Diabhal.
Chaidh mu 2,500 neach – boireannaich sa mhòr-chuid – a chur gu bàs mar bhana-bhuidsichean. Carson a thachair seo?
Carson a bha daoine a' creidsinn anns an Diabhal?
Anns na meadhan aoisean anns an Roinn Eòrpa, bha creideamh na phàirt mhòr de bheatha a h-uile duine.
Bhathas a' gabhail ris gun robh Dia fìor agus gum b' urrainn dha buaidh a thoirt gu dìreach air am beatha bho latha gu latha.
Bha e cumanta do dhaoine a bhith a' coimhead air na rudan math a thachair dhaibh mar bheannachdan bho Dhia.
Bha daoine cuideachd a' creidsinn anns an Diabhal agus, dìreach mar le Dia, bha iad a' creidsinn gum b' urrainn dha buaidh a thoirt air am beatha.
Dh'fhaodadh droch rud sam bith, no rud neo-àbhaisteach sam bith, a thachradh a bhith na fhianais gun robh an Diabhal trang nan dachaighean no nan coimhearsnachdan.
Carson a bha daoine a' creidsinn ann am buidseachd?
Bha cuideachd creideas san fharsaingeachd ann am bana-bhuidsichean agus buidseachd.
Bha daoine dhen bheachd gur e daoine a bh' ann am bana-bhuidishcean a b' urrainn draoidheachd agus geasagan a chleachdadh airson buaidh a thoirt air an t-saoghal – agus air daoine – airson math no olc.
Cha robh a' choire airson a h-uile càil ga chur air bana-bhuidsichean – dìreach rudan neo-àbhaisteach mar tinneas aithghearr, tuiltean, tart agus bàrr a' fàilligeadh.
Fad ùine mhòr, bha daoine ann a bha na coimhearsnachdan aca a' smaoineachadh gur e bana-bhuidsichean a bh' annta.
Bha buidseachd air fhaicinn mar pàganachd no Dz-à air choreigin.
Suas gu na 1400an, ma bha amharas gun robh daoine nam bana-bhuidsichean, bha na h-eaglaisean ionadail a' dèiligeadh riutha.
San fharsaingeachd, b' e am peanas a bu mhiosa gun cuireadh a' choimhearsnachd aca cùl ris a' 'bhana-bhuidsich'.
Dh'atharraich sin mu 1450 agus 1750.
Aig an àm sin, air feadh na Roinn Eòrpa, bha àireamh mhòr de bhana-bhuidsichean air an lorg, air an cur an grèim, air am feuchainn sa chùirt agus air an cur gu bàs.
Nochd iomadh adhbhar airson mar a dh'atharraich làimhseachadh nam bana-bhuidsichean, mar:
- laghan agus creideasan Crìosdail ag atharrachadh
- mòr-chaochladh creideimh
- an droch bhuaidh aig atharrachadh na gnàth-shìde
An robh an eaglais a' creidsinn ann am buidseachd?
Bha aon atharrachadh a dh'adhbharaich cùirtean bhana-bhuidsichean air feadh na Roinn-Eòrpa agus b' e sin mar a bha an Eaglais Chaitligeach a' coimhead air buidseachd.
Anns an 10mh linn, dh'fhoillsich an Eaglais Chaitligeach sgrìobhainn oifigeil ris an cante an Canon Episcopi.
Thuirt an sgrìobhainn gur e daoine a bh' ann am bana-bhuidsichean às an tug an Diabhal an car gu bhith a' creidsinn gum b' urrainn dhaibh draoidheachd a dhèanamh.
Bha buidseachd a-nis air a cheangal gu dìreach ris an Diabhal, ach cha robh an Eaglais ge-tà a' creidsinn gun robh dha-rìribh comasan draoidheil aig bana-bhuidsichean.
Ach ann an 1484 bha am beachd oifigeil air atharrachadh.
Anns a' bhliadhna sin, thuirt am Pàp Innocent VIII, an duine a bu chudromaiche agus a bu chumhachdaiche anns an Eòrpa Chrìosdail, gun robh buidseachd fìor agus gum b' urrainn dhan fheadhainn a bha ri buidseachd fìor chron a dhèanamh.
Thug am Pàp cumhachdan do shagairt ionadail agus do luchd-rannsachaidh anns a' Ghearmailt bana-bhuidsichean a lorg agus an cur fo chasaid ge bith càit an lorgadh iad iad.
Mar a dh'aithnicheas tu bana-bhuidseach
Thòisich eagal ro bhana-bhana-bhuidsichean a' sgaoileadh air feadh na Roinn Eòrpa.
Ann an 1486, sgrìobh Heinrich Kramer sgrìobhainn ris an cante Malleus Maleficarum – no Òrd nam Bana-bhuidsichean. Bha an sgìobhainn a' mìneachadh mar a dh'aithnicheadh, agus a pheanasaicheadh, tu bana-bhuidsichean.
Chàin an Eaglais an sgrìobhainn – a thuirt gum bu chòir bana-bhuidsichean a chur gu bàs – ach dh'fhàs e mòr-chòrdte air feadh na Roinn Eòrpa.
Chaidh leabhraichean agus leabhrain eile fhoillseachadh mu bhana-bhuidsichean, agus sgaoil iad gu luath air sgàth nan innealan ùra clò-bhualaidh.
B' e a' bhuil, do dhaoine aig an àm sin, gur e duilgheadasan fìor a bh' ann am buidseachd agus anns an Diabhal, agus gur e cùisean-eagail a bh' annta.
Seumas VI agus buidseachd
Sgrìobh fiù 's Rìgh Seumas VI Alba leabhar, an Daemonologie, mu chunnartan buidseachd an dèidh dha smaoineachadh gun do dh'fheuch bana-bhuidsichean ri mharbhadh ann an 1589.
Anns a' bhliadhna sin, phòs Seumas bean às an Danmhairg, Anne. Nuair a theab droch stoirmean uabhasach cur às do Sheumas agus do dh'Anna agus iad a' seòladh air ais às an Danmhairg, bha Seumas cinnteach gur e bana-bhuidsichean a bu choireach ris na stoirmean agus gun robh iad a' feuchainn ri mharbhadh.
Dh'adhbharaich an rannsachadh, mun amharas gur e bana-bhuidsichean a bha a' feuchainn ri cur às do Sheumas is Anna, na cùirtean bana-bhuidsichean Bhearaig a Tuath ann an 1590.
Buidseachd agus an t-Ath-leasachadh
Bha an t-Ath-leasachadhMòr-chaochladh creideimh anns an t-16mh Linn a chuir ceist ann an teagasg agus ann an ùghdarras na h-Eaglaise Caitligich agus a dh’adhbharaich gun do leasaich an Creideamh ʰòٲԲ. na àm nuair a bha atharrachadh creideimh a' gabhail tron Roinn Eòrpa anns na bliadhnaichean an dèidh 1517.
Chuir Ath-leasachairean anns an Roinn Eòrpa mar Martin Luther anns a' Ghearmailt agus John Calvin anns an Eilbheis, an aghaidh na bha an Eaglais Chaitligeach a' teagasg agus mar a bha i air a ruith.
Dh'adhbharaich na ceannardan sin, agus mar a chuir iad an aghaidh rudan, gun do thòisich eaglaisean ʰòٲԲ.
Thuirt an Eaglais Chaitligeach gur e saobh-chreideamhRud ann an creideamh a tha air fhaicinn fuadain no an aghaidh teagasg oifigeil eaglais no buidheann creideimh eile. a bh' ann an creideamh nam ʰòٲԲ.
Ann an dùthchannan a bha dìleas don Phàp, leithid an Spàinn, Portagal, agus an Eadailt an-diugh, chaidh geur-leanmhainn a dhèanamh air Pròstanaich agus chaidh ìmpidh a chuir orra (no an èigneachadh) tionndadh gu Caitligeachd, an cur à eaglaisCuideigin a chuir a-mach à eaglais. Tha am facal a' tighinn bhon Eaglais Chaitligeach, far am faod cuideigin an cumail bho bhith nam pàirt dhen choimhearsnachd chreideimh aca agus bho bhith a' faighinn sàcramaid a' chomanachaidh. no eadhon am marbhadh.
Cha robh dùthchannan eile cho dìleas don Eaglais Chaitligeach. Cha deach dèiligeadh ri ʰòٲԲd mar eucoir agus bha e comasach dha sgaoileadh agus fàs.
Dh' fhàs teannachadh eadar dùthchannan mar a bha ceannardan Caitligeach agus ʰòٲԲ a' farpais airson smachd, gu tric tro chòmhstri agus cogadh.
Dh'adhbhraich e cuideachd gun robh dùthchannan ag iarraidh a bhith nas 'Diadhaidh', neo fìor-ghlan, agus cuir às do rud sam bith a dh' fhaodadh a bhith co-cheangailte ris an Diabhal.
Bha seo a' ciallachadh gun robh e air leth cudromach do choimhearsnachdan buidsich a lorg agus a chur às.
A bheil thu dhen bheachd gun do dh'adhbharaich atharraichean creideimh cùirtean nam bana-bhuidsichean?
Dè an fhianais a th' ann a bheir taic dha do bheachd?
Ann an dùthchannan far an robh barrachd farpais eadar an creideamh Caitligeach agus an creideamh ʰòٲԲ, no eadar diofar mheuran dhen Eaglais Phròstanaich, mar a’ Ghearmailt, an Eilbheis agus Alba, bha barrachd chùirtean bhana-bhuidsichean.
Cha robh uiread de chùirtean bhana-bhuidsichean ann an dùthchannan mar an Spàinn, Portagail agus Èirinn far nach robh uiread de chòmhstri creideimh.
ach
- Lean cùirtean bhana-bhuidsichean ann an iomadh dùthaich fada an dèidh eas-aonta creideimh a rèiteach.
Buidseachd agus atharrachadh na gnàth-shìde
Mun aon àm ri cùirtean nam bana-bhuidsichean, chaidh an Roinn Eòrpa tro ghreis de dh'atharrachadh gnàth-shìde.
Dh'fhàs gnàth-shìde na Roinn Eòrpa na bu mhiosa air sgàth 'Linn Bheag na Deighe.'
Dh'adhbharaich seo treisean fada le barrachd uisge agus teothachdan nas fhuaire.
Bha na ràithean anns an gabhadh biadh fhàs na bu ghiorra agus uaireannan, dh'fhàillig am bàrr.
Dh'adhbharaich seo acras agus gort, agus bha èiginn mhòr air feadh na mòr-thìr.
Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do rinn seo barrachd còmhstri ann an coimhearsnachdan anns nach robh biadh gu leòr dhan h-uile duine, far an robh mòran ag iarraidh a' choire a chur air cuideigin airson nan amannan doirbh – bha bana-bhuidsichean nan targaid fhurasta.
Chì sinn cuideachd gu bheil 'buaidh ball-sneachda' aig sireadh nam bana-bhuidsichean.
Nuair a bha daoine a' cluinntinn mu bhana-bhuidsichean ann an sgìrean mun cuairt, bha iad a' gabhail barrachd amharais mu bhana-bhuidichean anns na sgìrean aca fhèin. Dh'adhbharaich seo gun do dh'fhàs an duilgheadas na bu mhotha agus gun do sgaoil e barrachd.
Mar fhreagairt dhan seo, thòisich àm cùirtean nam bana-bhuidsichean.
Tha iomadh beachd ann air dè cho fada 's a mhair Linn Bheag na Deighe. Tha cuid de luchd-rannsachaidh ag ràdh ag ràdh gun do thòisich i anns na 1500an agus gun do mhair i gu meadhan nan 1800an; tha cuid eile dhen bheachd gu do thòisich i mun bhliadhna 1400 no fiù 's nas tràithe.
Canar gu tric gun do mhair prìomh àm cùirtean nam bana-bhuidsichean bho anmoch anns na 1400an gu deireadh nan 1700an.
A bheil thu dhen bheachd gun robh Linn Bheag na Deighe na h-adhbhar air cùirtean nam bana-bhuidsichean?
Dè an fhianais a th' ann a bheir taic dha do bheachd?
Aig an àm seo, bha mòran dhaoine anns an Roinn Eòrpa a' creidsinn gum b' urrainn bana-bhuidsichean smachd a chumail air an t-sìde. Mar sin, bhiodh treiseag de dhroch shìde agus teòthachdan ìosal a' dol a rèir a' bheachd seo.
Tha na bliadhnaichean anns an do thachair a' mhòr-chuid de chùirtean nam bana-bhuidsichean anns an Roinn Eòrpa anns an aon linn ri Linn Bheag na Deighe.
ach
- Chan eil an teòiridh seo a' mìneachadh carson a bha barrachd chùirtean bhana-bhuidsichean ann an cuid de dhùthchannan seach dùthchannan eile. Mar eisimpleir, bha an àireamh-sluaigh ann an Alba gu math nas lugha na ann an Sasainn, ach bha bharrachd chùirtean bhana-bhuidsichean ann an Alba.
Cia mheud neach a chaidh a dhìteadh airson buidseachd?
Ge bith dè an t-adhbhar, no na h-adhbharan, chaidh na mìltean dhaoine air feadh na Roinn Eòrpa a chur fo chasaid gur e bana-bhuidsichean a bh' annta.
Tha e doirbh fios a bhith againn gu cinnteach, ach tha iomadh neach-eachdraidh a' meas gun deach eadar 40,000 agus 60,000 neach a chaidh fhaighinn ciontach de bhuidseachd a chur gu bàs air feadh na Roinn Eòrpa.
Ann an Alba, chaidh 3,837 neach a lorg ann an clàran eachdraidheil a bha fo chasaid buidseachd.
Chan eil na clàran a' sealltainn ach buil nan 305 cùirtean ann an Alba. Dhiubh sin, chaidh 205 a chur gu bàs.
Bhon a tha seo stèidhichte air àireamh bheag de chùirtean, bidh e glè choltach gun robh an àireamh a chaidh a chur gu bàs gu math, math na b' àirde.
Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic